James Graham
home bio trio gigs press music gallery contact links store
 
gaelic · english

Chluich Còmhlan Sheumais Ghreumaich còmhla an toiseach aig consairt fosglaidh Fèis Cheilteach Innse Gall ann an 2005. Còmhla ri Seumas, buannaiche Young Traditional Musician of the Year BBC Alba 2004, tha Seumas Ros air piàna is Niall MacIain air beus-fhidheall, is iad le chèile cliùiteach mar luchd-taic.

Tha iad fa leth nan ceòladairean cliùiteach. ‘S e seinneadair aig a bheil meas mòr air neart fuinn nan òran Ghàidhlig a th’ ann an Seumas Greumach, a tha a’ dèanamh cinnteach gu bheil prìomh eileamaidean is dualchas nan òran follaiseach na sheinn.

 

Neil Johnstone

Tha dreuchd shoirbheachail mar shàr cheòladair clasaigeach air a bhith aig a’ bheus-fhìdhleadair, Niall MacIain, mac a’ phìobaire ainmeil, Donnchadh MacIain. Ged a fhuair Niall trèanadh clasaigeach cha do ghluais e ro fhada bho fhreumhan ann an ceòl
 

dùthchasach agus tha e air cluich is clàradh a dhèanamh còmhla ri cuid de shàr cheòladairean traidiseanta an t-saoghail. Tha a stoidhle fhìnealta air fìor bheairteas a bhuileachadh air rian nan òran dom bi e a’ toirt taic.

read more about Neil

 

James Ross

Tha Seumas Ros air fìor dheagh chliù a chosnadh dha fhèin mar chluicheadair piàna is sgrìobhaiche ciùil. Tha fèill mhòr air mar sgrìobhaiche is thidsear is e air cùmhnantan fhaighinn airson grunn obraichean ciùil, a fhuair moladh mòr, a sgrìobhadh. Tha a’ chluich aige air a’ phiàna faireachail      

is dian-ghlacail aig amannan le buaidh shònraichte sheòlta.

read more about James

   
 
   
 
           
  home · biography · trio · gigs · press/promo · music · gallery · contact · links · store