| |
‘S ann à Loch an Inbhir ann an Asainte an iar-thuath Chataibh a tha Seumas. Thòisich e a’ farpais aig Mòdan nuair a bha e 9 bliadhna fo stiùireadh Choinnich MhicChoinnich, ceannard na bun-sgoile aige. Fhuair e cuideachd brosnachadh mòr bho bhean bràthair a sheanair Seòrdag |
|
agus air a’ phìob mhòir cuideachd. Cheumnaich Seumasann an 2003 le ceum le Urram ann an ceòl na h-Alba. Tha Kenna fhathast ga oideachadh gu cunbhalach ann an òrain.
Ann an 2004 bhuannaich Seumas duais a’ BhBC, Young Traditional Musician of the Year – a’ chiad fhireannach is a’ chiad sheinneadair Gàidhlig a rinn sin. On uair sin tha e air nochdadh air grunn shreathan soirbheachail ciùil air telebhisean is rèidio, a’ gabhail a-steach ‘Transatlantic Sessions 4’. The e air dà CD aon-neach fhoillseachadh agus air a bhith ainmichte dà uair san roinn, Gaelic Singer of the Year, aig Duaisean Ciùil nah-Alba. Ann an 2007 bhuannaich Seumas Bonn Òir a’ Mhòid ann an Loch Abar, an duais as àirde airson seinn aon-neach aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail. Rinn e dà bhliadhna de sgrùdadh ann an Sabhal Mòr Ostaig, san Eilean Sgitheanach far an d’ fhuair e HND ann an cànan is cultar na Gàidhlig. Bha e cuideachd ag obair dha Comhairle na h-Eaglaise Brice na Oifigear Thachartasan a’ Mhòid nuair a chaidh am Mòd a chumail san Eaglais Bhric airson a’ chiad uair ann an 2008. Tha Seumas cuideachd na bhall den chòmhlan fhear, Na Seòid, seachdnar fìor shàr cho-cheòltair òg a bhios a’ seinn òrain thraidiseanta Ghàidhlig. |
|
Mhoireach, à Aichillidh Bhuidhe, còmhla ris na chuir e seachad iomadh uair a thìde ag ionnsachadh òrain is ag èisteachd ri na sgeulachdan iongantach is an eòlas beatha aice.
An dèidh Bun-sgoil Loch an Inbhir fhàgail chaidh Seumas gu Àrd-sgoil Ulapuil far an d’fhuair e oideachadh air a’ phìob bho Tormod MacIllIosa nach maireann. Chùm Seumas ùidh ann an òrain Ghàidhlig fhad ‘s a bha e san àrd-sgoil agus an dèidh sin fhuair e àite air cùrsa BA ann an Ceòl Albannach aig Acadamaidh Rìoghail Ceòl is Dràma na h-Alba ann an Glaschu. An sin rinn e sgrùdadh air òrain fo stiùireadh an t-seinneadair is an sgoileir chliùitich Kenna Chaimbeul |
|
|